A’ chiad cho-chruinneachadh Gàidhlig air atharrachadh na gnàth-shìde a’ gabhail àite sna h-Eileanan an Iar

Tha Hub Gnàth-Shìde Innse Gall ag ullachadh gus fàilte a chur air luchd-labhairt na Gàidhlig bho air feadh na h-Alba aig a’ Chiad Cho-chruinneachadh Gàidhlig air Atharrachadh na Gnàth-shìde, a tha a’ toirt deasbad mu atharrachadh na gnàth-shìde gu cridhe nan eilean.

Air a cumail ann an com-pàirteachas le Gnàth-shìde Innse Gall, companaidh com-pàirt coimhearsnachd a tha ag amas air dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde anns na h-Eileanan an Iar, tha an Co-chruinneachadh a’ toirt luchd-labhairt na Gàidhlig de gach ìre còmhla gus beachdachadh air prìomh bhriathrachas a thèid a chleachdadh ann an deasbad na gnàth-shìde. Thèid beachdachadh cuideachd air Plana Eadar-ghluasad Cothromach le Riaghaltas na h-Alba agus beachdan a dh’ionnsaigh Net Zero air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

Thuirt Alasdair MacCoinnich, stiùiriche aig Gnàth-shìde Innse Gall:

“Tha sinn a’ toirt taic do choimhearsnachdan taobh a-staigh Innse Gall gus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde le bhith gan cuideachadh le lùths agus seasmhachd na gnàth-shìde. Chaidh Hub Gnàth-shìde Innse Gall a stèidheachadh gus gnìomhan atharrachadh na gnàth-shìde a leasachadh a tha a rèir draghan ar coimhearsnachdan.

Tha Gàidhlig deatamach taobh a-staigh ar coimhearsnachdan, ach tha an fheum air a’ bheàrn eadar cànan agus atharrachadh na gnàth-shìde a dhùnadh air fàs nas bitheanta. Bha feum air deasbad mun chànan a chaidh a chleachdadh gus dèiligeadh ris na cùisean iom-fhillte seo. Tha an Co- chruinneachadh a’ toirt cothrom dha na còmhraidhean sin tachairt agus aig an aon àm a’ cur atharrachadh na gnàth-shìde aig fìor thoiseach clàr-gnothaich ar coimhearsnachdan.”

Thuirt Riaghaltas na h-Alba:

“Tha coileanadh ar miann gnàth-shìde a’ ciallachadh cruth-atharrachadh luath san dòigh sa bheil sinn beò, ag obair agus a’ dèanamh gnìomhachas. Tha Eadar-ghluasad Cothromach a’ ciallachadh a bhith na eaconamaidh Net Zero, seasmhach a thaobh gnàth-shìde ann an dòigh a tha ag amas air dèiligeadh ri neo-ionannachd agus ana-ceartas. Tha e a’ ciallachadh gum bi coimhearsnachdan, luchd-obrach agus gnìomhachasan air feadh na h-Alba an sàs ann a bhith a’ cumadh ar dòigh gluasaid.

Tha sinn air gealltainn Planaichean Eadar-ghluasad Cothromach a lìbhrigeadh airson roinnean air feadh Alba. Tha am Frèam Planaidh Eadar-ghluasad Cothromach Nàiseanta, a chaidh fhoillseachadh ann an 2021, a’ mìneachadh ar dòigh-obrach. Tha seo a’ cur cuideam air dealas airson conaltradh farsaing agus com-pàirt nan daoine as motha a bheir buaidh leis a’ ghluasad, a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan, gnìomhachasan agus luchd-obrach.

Cuidichidh planaichean roinneil airson Còmhdhail, Cleachdadh Fearainn & Àiteachas, Àrainneachd Thogte agus Togail agus Cumhachd gus barrachd cinnt a thoirt do luchd-obrach, gnìomhachasan agus coimhearsnachdan air dè tha an t-slighe gu Net Zero a’ ciallachadh.

Bidh co-chruinneachadh mar seo a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh àiteachan far am faod coimhearsnachdan a dhol an sàs ann an leasachadh Phlanaichean Eadar-ghluasad Cothromach roinneil. Bidh an co-chruinneachadh mar phàirt de raon farsaing de chòmhraidhean agus thachartasan a chuidicheas le bhith a’ cumadh dreach Phlanaichean, a thèid fhoillseachadh airson co-chomhairle ann an 2024.”

Thèid an tachartas seo a chumail air 8 Samhain (GMT) aig Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas, agus bidh e cuideachd air a chraoladh beò dhaibhsan a tha airson a bhith ann aig astar.