A’ Chiad Cho-chruinneachadh Gàidhlig air Atharrachadh na Gnàth-Shìde

Blog le Murchadh MacSuain, Stiùiriche Astar Media

San t-Samhain 2023, aig Cnoc Soilleir ann an Uibhst a Deas, chaidh a’ chiad cho-chruinneachadh Gàidhlig air atharrachadh na gnàth-shìde a chumail, air a cumail ann an com-pàirteachas le Gnàth-shìde Innse Gall mar a’ chiad tachartas aig Ionad Gnàth-Shìde Innse Gall.

Chaidh Astar Media fhastadh gus a lìbhrigeadh A bharrachd air an tachartas a chuir air dòigh, bha mise nam fhear an taighe agus a’ cumail smachd air na h-eileamaidean co-obrachail. ’S e buidheann phròiseactan Gàidhlig a th’ ann an Astar stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus tha sinn cuideachd nar ball de Ionad Gnàth-shìde Innse Gall agus sinn air leth toilichte a bhith air ar taghadh airson obair air pròiseact cho inntinneach.

Thug a’ cho-chruinneachadh luchd-còmhnaidh, riochdairean bho bhuidhnean iomchaidh agus buidhnean le ùidh bho acadamaidhean, na meadhanan agus roinn leasachadh na Gàidhlig uile còmhla. Gu h-iomlan, bha 54 an làthair, 30 aghaidh ri aghaidh agus 24 air-loidhne (le seirbheisean sruthadh air an toirt seachad leis an sgioba bho WeeStudio – cuideachd buill de Ionad Gnàth-shìde Innse Gall).

BBC News | We Love Stornoway

Leis gur e seo a’ chiad tachartas de sheòrsa, chomharraich Gnàth-shìde Innse Gall gu robh feum air aonta air choireigin a stèidheachadh airson briathrachas Gàidhlig a thaobh atharrachadh ghnàth-shìde Chuidich còmhraidhean seisean na maidne le bhith a’ toirt air na riochdairean tuigse fhaighinn air farsaingeachd a’ chuspair, ach thug iad a-steach cuideachd mion-thuigse deatamach ionadail a dh’fhaodadh cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh buntainneachd agus co-thuigse mu na cùisean.

Bha a’ mhòr-chuid den bhriathrachas air a thighinn bho dhiofar stòran-dàta, bhon riaghaltas agus an saoghal acadaimigeach gu sònraichte, ach bha riochdairean mothachail cuideachd air briathrachas bho BBC Radio nan Gàidheal agus BBC An Là agus bha riochdairean cuideachd ag obair le susbaint curraicealaim na sgoile a thaobh COP26. Bha na còmhraidhean gnìomhach agus co-obrachail, agus chuidich beachdachadh air na diofar bhriathran air ullachadh airson nan seiseanan feasgair.

Às dèidh lòn agus cèilidh coimhearsnachd aig Cnoc Soilleir, dh’ionnsaich na riochdairean mu dhòigh-obrach an riaghaltais a thaobh planadh agus buileachadh Eadar-ghluasad Cothromach. Bha na seiseanan seo a’ sireadh bheachdan agus draghan mu na cuspairean air an deach beachdachadh: Cleachdadh Fearainn & Àiteachas, Àrainneachd Thogte & Togail agus Plana Freagarrachaidh Nàiseanta na h-Alba.

Aithisg air Co-chruinneachadh Gnàth-shìde na Gàidhlig

Tro shùilean Astar, ’s e tachartas air leth fiosrachail a bha seo dha na riochdairean, leis a’ mhòr-chuid aineolach air na planaichean a thaobh atharrachadh gnàth-shìde ann an Alba, gu sònraichte dha na h-eileanan. Tha sinne a’ smaoineachadh gun robh a bhith a’ cumail an tachartais gu tur sa Ghàidhlig a’ ciallachadh gun robh sluagh gu tur eadar-dhealaichte de riochdairean an làthair, rud a tha nas follaisiche bho thachartasan eile a tha air tachairt on uair sin.

Bu chòir moladh a thoirt do Ionad Gnàth-shìde Innse Gall, Gnàth-shìde Innse Gall agus an sgioba Eadar-ghluasad Cothromach aig Riaghaltas na h-Alba airson a bhith ag aithneachadh luach na Gàidhlig san t-suidheachadh seo, agus tha sinn moiteil gun d’ fhuair Astar cothrom a bhith an sàs ann an rud a tha dìreach mar thoiseach tòiseachaidh air gluasad cudromach.

Fhuair Astar cuideachd cùmhnant airson an làrach-lìn seo a thogail agus obair eadar-theangachaidh eile a dhèanamh airson Ionad Gnàth-shìde Innse Gall. Ma tha sibh airson a bhith ag obair còmhla rinn, cuiribh fios thugainn tro na seanailean meadhanan sòisealta againn gu h-ìosail.