Ionad Gnàth-shìde Innse Gall: A’ Cumhachdachadh Bhuill, A’ Brosnachadh Atharrachadh

Tha Ionad Gnàth-shìde Innse Gall stèidhichte air buill agus a’ toirt seachad ghoireasan, taic ro-innleachdail agus gnìomhach airson gnìomh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Fàilte gu Ionad Gnàth-shìde Innse Gall

Chaidh an t-Ionad a stèidheachadh leis nach robh àrd-ùrlar ann airson buidhnean coimhearsnachd, gnìomhachasan agus daoine fa leth gus co-obrachadh air gnìomhan atharrachadh na gnàth-shìde anns na h-eileanan. Air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, bidh sinn a’ tarraing airgead a-nuas agus a’ leasachadh ghnìomhan a bheir comas do bhuill a bhith ag obair anns na h-eileanan – a’ toirt taic dha chèile. Tha buill an Ionaid stèidhichte air feadh an aite eadar Bhatarsaigh agus Nis, agus ged a tha iad eadar-dhealaichte nan raon-ùghdarrais agus nan gnìomhan, tha iad a’ co-roinn dragh coitcheann mu atharrachadh na gnàth-shìde agus a bhuaidh air na h-eileanan.

Tha ballrachd an Ionaid an-asgaidh, ach tha grunn bhuannachdan ann agus tha sin a’ toirt a-steach cothrom air goireasan agus gnìomhachd nach biodh rim faighinn sa choimhearsnachd air dhòigh eile. Bho thòisich sinn san t-Samhain 2023, tha sinn air co-chruinneachadh Gàidhlig air atharrachadh na gnàth-shìde a chuir air dòigh, OH-COP (Coimhearsnachdan), taic do dh’iomairt air sgrùdadh atharrachadh na gnàth-shìde agus seasmhachd, seiseanan trèanaidh mothachadh na gnàth-shìde, tachartasan, grunn thabhartasan beaga airson Beachdan gu Gnìomh agus cuairt-litrichean leantainneach a’ soilleireachadh gnìomhachd agus goireasan.