Tha Ar Sgeulachd Gnàth-shìde (ASGS) na phròiseact didseatach adhartach agus mapa air-loidhne eadar-ghnìomhach. Tha e ag amas air eòlasan luachmhor a ghlacadh mu mar a tha eileanaich a’ faighinn eòlas air atharrachadh na Gnàth-shìde. Tha sinn an dòchas na h-uimhir de sgeulachdan a chruinneachadh bho raon farsaing de dhaoine is choimhearsnachdan, eadar Barraigh is Nis.
Tha sinn airson ur beachdan a chluinntinn air mar as urrainn dha na h-Eileanan Siar atharrachadh agus a’ bhuaidh a th’ aig atharrachadh na gnàth-shìde. A bheil beachd agad air mar a ghabhas do chroit a dhìon bho cnàmh thalamh? No dòighean air uisge a chleachdadh ann an dòigh nas seasmhaiche air an fhearann agad? An uair sin tha sinn airson cluinntinn mu dheidhinn.
Gus poileasaidh gnàth-shìde seasmhach agus brìoghmhor a dhealbh airson Innse Gall, feumaidh sinn cluinntinn gu dìreach bho dhaoine agus bho choimhearsnachdan a tha beò tro na h-atharrachaidhean àrainneachdail agus eag-eòlasach seo.

Tha ASGC air a dhealbhadh ann an dòigh a nì e cho sìmplidh agus cho furasta ’s a ghabhas. Chan fheum thu ach na ceumannan simplidh seo a leantainn airson cur ris an stòr-dàta iongantach seo sa bhad:
- Brùth air Gabh an sàs an seo gu h-ìosal no cleachd an seòladh eadar-lìon seo (https://outerhebrides.communitymaps.org.uk/welcome) gus an duilleag dachaigh a ruighinn.
- Dèan cunntas leis an seòladh puist-d agad agus le username agus password a thagh thu. Tha am fiosrachadh agad sàbhailte.
- Nuair a tha thu air seo a dhèanamh, brùth air Add Contribution air taobh clì na duilleige.
- Bhon chlàr, tagh Point, Line no Area – a rèir an seòrsa sgeulachd a tha thu a’ cur ris an stòr-dàta. Feuch ris an cursair a chur cho faisg ’s a dh’fhaodas tu dhan àite a tha thu a’ clàradh.
- Tha dà roghainn agad: Weather/Climate Event (me stoirmean, tiormachd no crìonadh cladaich) no beachd air mar a dhèiligeas sinn ri Impacts of a changing climate (me a’ cur craobhan-seilich agus crainn-fheàrna air a’ chroit agad gus tuiltean a thoirt gu fìor-lùghad.)
- Add data to your contribution. ’S e cothrom a tha seo mìneachadh na tha thu a’ cur air a’ mhapa agus carson. Tha bogsaichean teacsa ann le seantans cuspaireach gus taic a thoirt dhut freagairt a sgrìobhadh. Mholainn dealbhan agus bhidiothan a chur ris an fhreagairt agad.
- Faodaidh thu dreach a shàbhaladh agus tilleadh ris aig àm sam bith. Nuair a tha thu deiseil, brùth Add contribution agus sin e deiseil!
- Nì an sgioba de mhodaràtairean againn measadh air an fhreagairt agad agus mura h-eil trioblaidean ann, thèid an sgeulachd agad a chur air an duilleig phoblaich cho luath ’s a ghabhas.
*Tha an dàta air fad agad sàbhailte agus cha tèid a cho-roinn le companaidhean treas-phàrtaidh.
Na Hearadh agus Leòdhas
Christopher Smail christopher@climatehebrides.com
Uibhist agus Barraigh
Caroline Willis | carolinew@climatehebrides.com | 07572165592
Air a mhaoineachadh le UK Research and Innovation (UKRI), agus air a lìbhrigeadh le The Young Foundation, tha a’ Mhaoin Eòlais Choimhearsnachd a’ toirt taic do bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean air feadh na RA gus fuasglaidhean ùra a lorg airson dùbhlain ionadail agus nàiseanta le bhith a’ lorg eòlas agus a’ tionndadh bheachdan mòra gu gnìomh.


